Dragh CNES mu airgead na croitearachd

  • Air fhoillseachadh
Caoraich

Thog Comhairle nan Eilean Siar dragh mu cho fada 's a tha croitearan a' feitheamh ris an t-subsadaidh aca.

Tha na mìltean fhathast a' feitheamh ri airgead a' Phàighidh Bhunaitich, a thàinig a-steach an àite na Suime Singilte.

Tha feadhainn eile fhathast a' feitheamh fios dè direach an t-suim airgid a gheibh iad.

Thuirt cuid de chroitearan gu bheil an suidheachadh a' fàgail gur dòcha gum bi aca ri stoc a reic.

Litir

Chuir Leas-Chathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Crichton, litir gu Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Ridseard Lochhead.

"Tha cùisean fìor dhoirbh dha croitearan an-dràsta is geamhradh fliuch ann às dèidh samhraidh a bha fliuch is fada", thuirt Mgr Crichton.

"Bha cuideachd prìsean sìos aig deireadh na bliadhna.

"Tha mì-chinnt ann a-nise am measg chroitearan air dè an t-suim airgid air a bheil iad airidh, agus cha d'fhuair a' mhòr-chuid dad fhathast, ged a bha gealltanas ann gum biodh am pròiseas pàighidh a' tòiseachadh ron Nollaig", thuirt Crichton.

Mìneachadh

Dh'iarr Mgr Crichton mìneachadh bho Mgr Lochhead air carson a tha dàil ann, is clàr-ama airson sgaoileadh an airgid.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba roimhe gun robh Ath-Leasachadh Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais glè dhuilich a chur an gnìomh is gu bheil e na amas aca airgead fhaighinn gu àireamh mhòr de dhaoine cho luath 's a ghabhas.

Thuirt iad gun d' fhuair còrr is 3,500 tuathanach is croitear trì chairteal den Phàigheadh Bhunaiteach is 90% de dh'airgead Greening anns an Dùbhlachd.

Thuirt iad cuideachd gun tèid tuilleadh dhaoine a phàigheadh eadar am Faoilleach is am Màrt is gu bheil iad a' dèanamh an dìcheill an t-airgead seo a sgaoileadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh