Aodaich bhlàth dha muinntir na Comhairle

  • Air fhoillseachadh
Geansaidhean
Fo-thiotal an deilbh,

Èideadh ùr luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd?

Chaidh càineadh a dhèanamh air moladh bho Chomhairle na Gàidhealtachd gum faodadh luchd-obrach aodaich bhlàth a chur orra aig obair gus cosgaisean teasachaidh a ghearradh.

Nochd am beachd am measg molaidhean air mar as urrainn dhan Chomhairle lùghdachadh a thoirt air na tha iad a' cleachdadh de charbon, agus airgead a shàbhaladh.

A rèir aithisg a chaidh mu choinneamh Comataidh Stòras na Comhairle, dh'fhaodadh iad luchd-obrach "a bhrosnachadh" aodaich bhlath a chur orra, seach an teas a chur suas.

Fònaichean-làimhe

Mhol an aithisg cuideachd coimpiutairean is solais a chur dheth nuair nach robh feum orra, is casg a chur air luchd-obrach dealan na Comhairle a chleachdadh gus na fònaichean-làimhe aca a lìonadh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach robh iad idir a' moladh an teas a chur dheth, is fo na molaidhean seo gum biodh an teas fhathast aig ìre a tha laghail.

Thuirt iad gu bheil cothrom an seo dhaibh na mìltean notaichean a shàbhaladh, is mar sin gum feum iad coimhead ris.

Càineadh

Rinn an comhairliche Nàiseantach, Ridseard Laird, càineadh air na planaichean.

Thuirt e nach seo an seòrsa rud a bu chòir dhan Chomhairle a bhith ag ràdh ris an luchd-obrach.

Thuirt e gun robh sgoiltean a measg nan togalaichean as cosgaile a tha aig Comhairle na Gàidhealtachd, is e ag ràdh nach robh duine airson is gum biodh clann ag obair ann an seòmraichean fuara.