Allan an dùil coinneachadh ri Loganair

  • Air fhoillseachadh
Plèana Loganair

Tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, an dùil coinneachadh ris a' chompanaidh adhair Loganair mu thrioblaidean a th' air a bhith a' bualadh air na seirbheisean aca dha na h-eileanan o chionn ghoirid.

Thuirt Mgr Allan nach robh e den bheachd gu bheil na seirbheisean aca fo bhratach FlyBe air a bhith math gu leòr, ged a fhuair e gealltanas bhon chompanaihdh gun robh na plèanaichean sàbhailte.

Às dèidh ceist bhon BhPA Ghàidhealach, Dàibhidh Stiùbhart sa Phàrlamaid Diluain, thuirt Ministear na Còmhdhail Derek MacAoidh gun robh e an dùil ri leasachadh ann an roinn èinnsinìridh Loganair mu choinneamh nan trioblaidean a th' aca.

"Tha e gu math follaiseach gu bheil rudeigin a' dol ceàrr," thuirt Mgr Allan.

"Dìreach a' bhòn-dè bha mise aig Port-adhair Steòrnabhaigh agus bha daoine ann a bh' air a bhith a' feitheamh o chionn seachd uairean de thìde airson plèana.

"Tha rueigin ceàrr an sin. Tha mi a' tuigsinn carson a bhiodh rudan mar sin a' tachairt bho àm gu àm, ach bidh iad a' tachairt a-nis gu math tric.

"Tha mi gu math cinnteach agus gu math soilleir gu bheil feum ann a-nis airson a' chompanaidh a bhith a' dèanamh nas fheàrr airson an eilein.

"Feumaidh mi a bhith soilleir cuideahd - chan eil mise a' dèanamh na h-argamaid gu bheil rudeigin ceàrr le sàbailteachd, ach a' cheist a th' ann 's e a bhith a' cumail nam plèanaichean an òrdugh."