Gealltanasan o na h-uachdarain

  • Air fhoillseachadh
Fearann
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt a' bhuidheann gu bheil a' mhòr-chuid de dh'uachdarain phrìobhaideach a' cur ris a' choimhearsnachd.

Dh'fhoillsich a' bhuidheann a tha a' riochdachadh uachdaran, Fearann is Oighreachdan na h-Alba, cairt ùr a tha a' cur an cèill ghealltanasan a thaobh uachdranas an fhearainn.

Thuirt a bhuidheann gun robh "feum aig uachdarain uile a bhith fosgailte, in-ghabhalach, comasachail agus cunntasach".

Tha a' chairt na freagairt dhan fheadhainn a tha a' càineadh uachdranais phrìobhaidich.

Mhol sgrùdadh na bu thràithe air a' bhliadhna, air an tèid bile ùr ath-leasachaidh an fhearainn a stèidheachadh ro dheireadh na Pàrlamaid seo, gun cuirear crìoch air na dh'fhaodas uachdarain fa-leth a bhith aca de dh'fhearann ann an Alba.

Tha a' chairt ùr a' dol còmhla ri còd giùlain a tha a' bhuidheann air a bhith a' brosnachadh am measg a cuid bhall o chionn ùine.

Am measg nam ball a th' aig a' bhuidhinn, tha feadhainn a bhios a' ruith thuathanasan, coilltean agus oighreachdan seilge.

Thuirt Cathraiche na buidhne, Daibhidh Johnstone: "Tha an gealltanas seo na theachdaireachd shoilleir air na th' ann an deagh uachdranas, agus tha e a' cruthachadh bun-stèidh air an cùm uachdarain orra a' toirt seachad farsainneachd de bhuannachdan.

"Tha cuid ann ris a bheil e a' còrdadh a bhith a' tarraing droch dhealbh de dh'uachdranas phrìobhaideach, a dh'aindeoin na fianaise mòire air na tha sinn a' cur ris an dùthaich.

"Uair is uair chìthear mar a thèid an oidhirp mhòr a tha a' chuid as motha de dh'uachdarain phrìobhaideach a' dèanamh, ga milleadh le beag-chuid nach bi a' gabhail gnothaich ris na coimhearsnachdan aca, no leis na daoine a tha a' fuireach 's ag obair ri an taobh."

Sa Chèitean, mhol Buidheann Sgrùdaidh Ath-leasachaidh an Fhearainn aig an Riaghaltas Albannach, gun cuirear crìoch air na dh'fhaodas de dh'fhearann a bhith le aon duine.

Dh'iarr a' bhuidheann cuideachd gum bi fada a bharrachd fearainn ann an làmhan choimhearsnachdan.