Aonta mun Chlò

  • Air fhoillseachadh
Clò Hearach
Fo-thiotal an deilbh,

Bha àirneis ga mhargaidheachd mar Chlò Hearach ged nach b'e sin a bh' ann.

Thàinig Ùghdarras a' Chlò Hearaich gu aonta le companaidh Aimeireaganaich a bha a' toirt a chreidsinn gur e Clò Hearach a bha air seathraichean a bha iad a' reic.

Tha dìon sònraichte fon lagh air a' Chlò Hearach.

Bha a' chompanaidh Aimeireaganach Euromarket Designs, a bhios a' malairt anns na Stàitean fon ainm Crate and Barrel, air cuid den àirneis aca a shanasachd mar phàirt de "Chruinneachadh Chlò Hearaich", ged nach e Clò Hearach a bh' ann.

Chaidh Ùghdarras a' Chlò Hearaich dhan chuirt agus tha iad fhèin agus a' chompanaidh a-nise air tighinn gu aonta tro chòmhraidhean.

Cha deach dad den àirneis a reic san Rìoghachd Aonaichte agus Crate and Barrel air aontachadh nach cleachd iad an t-ainm Clò Hearach tuilleadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh