Rabhadh mu uisge trom

  • Air fhoillseachadh
Rathad fo thuilTùs an deilbh, Derek Thomson
Fo-thiotal an deilbh,

Bha mòran rathaidean air taobh sear na Gàidhealtachd fo thuil madainn Diluain.

Tha rabhadh orainds "bithibh ullaichte" aig Oifis na Sìde ga sgaoileadh ri linn an uisge ann am Moireibh, Strath Spè agus Siorrachd Inbhir Nis madainn Diluain gu meadhan là.

Tha dùil ri uisge trom agus leantainneach ag adhbharachadh thuiltean agus trioblaidean dràibhidh air na rathaidean.

Tha an aimsir cuideachd a' dèanamh dhuilgheadasan do dhaoine air taobh siar na Gàidhealtachd, le uisge trom an sin cuideachd, agus cuid de rathaidean air am bacadh.

Ann an Eilginn, bha a' Chomhairle a' feuchainn ri daoine a thoirt a-mach à suas ri 200 dachaigh, ri linn draghan mu thuiltean.

Chaidh còrr air £80m a chosg le Comhairle Mhoireibh sna bliadhnaichean a chaidh seachad gus an sgìre a dhìon bho thuiltean, ged nach eil an obair sin air tighinn gu crìch fhathast.

Aig a' cheart àm chaidh trèanaichean eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain, eadar Inbhir Nis is Peairt, agus eadar Glaschu 's Dùn Èideann, a chur dheth, agus tha rathaidean air feadh a' chinn a tuath dùinte.

Nam measg sin an A835 eadar Ulapul agus Inbhir Nis, faisg air ceann rathad an A832 a' toirt buaidh air daoine a tha a' feuchainn air aiseag Steòrnabhaigh.