Comhairle na Gàidhealtachd gan dìon fhèin

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig air oifigearan rannsachadh a chur air chois an dèidh ghearainean mun dòigh san deach a' chùis a làimhseachadh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun do chùm iad ri riaghailtean dealbhachaidh airson bun-sgoil Ghàidhlig ùr anns a' Ghearasdan.

Thàinig air oifigearan rannsachadh a chur air chois an dèidh ghearainean mun dòigh san deach a' chùis a làimhseachadh.

B' e daoine sa Ghearsadan fhèin, a bhiodh a' fuireach faisg air an sgoil ùir, a bha a' gearain aig coinneimh phoblaich san sgìre o chionn dà bhliadhna, nuair a chaidh na planaichean a chur air adhart an toiseach.

Thuirt iad nach d' fhuair iad fios oifigeil, no 'neighbour notification', gun robh na planaichean seo san amharc aig a' Chomhairle.

Feumaidh tu seo a dhèanamh ma tha thu am beachd iarrtas dealbhachaidh a chur air adhart agus, a rèir an lagha, feumaidh comhairlean an dearbh rud a dhèanamh cuideachd.

Rannsachadh

Dh'iarr an fheadhainn as àirde dreuchd aig a' Chomhairle air na h-oifigearan a' chùis a rannsachadh.

Dimàirt, sheall toradh an rannsachaidh gun deach na riaghailtean dealbhachaidh a leantainn mar a bu chòir.

Chaidh innse gun deach sia coinneamhan poblach a chumail san sgìre eadar 2012 agus 2013, gun deach buidheann ghnìomha a chur air chois, agus gun robh sanasan dealbhachaidh anns na pàipearan-naidheachd.

Thuirt iad cuideachd gun deach litir a chur a dh'ionnsnaigh an fheadhainn a bhiodh a' fuireach faisg air an làraich nuair a chaidh na planaichean deireannach a chur air dòigh.

Mar sin, a rèir an rannsachaidh fhèin, chùm Comhairle na Gàidhealtachd ris na riaghailtean a bh' ann, agus a tha ann, agus tha dùil gum fosgail bun-sgoil Ghàidhlig anns a' Ghearasdan ann an 2016.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh