Fear-coiseachd a' tuiteam 400 tr

  • Air fhoillseachadh

Tha fear-coiseachd a' faighinn cùraim san osapadal an Inbhir Nis an dèidh dha tuiteam 400 tr (122m) far leac anns an Eilean Sgitheanach.

Chaidh lorg fhaighinn air an duine le sgiobaidhean teasairginn an Eilein Sgitheanaich agus Chinn Tàile feasgair Dimàirt ann an Gleann Seile.

Chaidh a thogail gu Ospadal an Rathaig Mhòir ann an heileacoptair maor-cladaich Steòrnabhaigh.

Cha deach innse fhathast dè cho dona 's a chaidh a ghoirteachadh.